Thà inig cairt-bhallrachd agam LACMA anns a’ phost an-dè. ‘Se taigh-tasgaidh mòr a th’ann, agus tha e air suidheachadh air Wilshire Boulevard ri toabh là raich ainmeil na Tar Pits LaBrea. Fhuair mi a’ bhallrachd fad ’s a bha taisbeanadh dealbhan le David Hockney ann. ‘Sann saor do bhuill tha ticeadan thaisbeanaidh, agus gheibh mi ticeadan nuair a thoisicheas taisbeanadh Magritte ann an ùine ghoirid. Tha tachartasan eile agus filmichean gu leòr ann cuideachd. Bi mòran ri dèanamh anns a’ bhliadhna ri tighinn.
Los Angeles County Museum of Art
Freagair