Tìr nan Tongva

Is e na Tongva na muinntir dùthasach Los Angeles. Is e Innseanach Gabrielino ainm eile orra. Creididh eachdraichean gun do ràinig na Tongva an roinn Los Angeles eadar a’ chiad linn agus an còigeamh linn AD. Fuirichidh an sliochd anns an roinn fhathast. B’e luchd-cruinneachaidh-sealgaireachd a bh’annda bho thus. Bha iad nan sheòladairean cuideachd . Bruidhneadh iad cànan Uto-Astaigeach no Takic (bruidhnidh iad Beurla no Spainntis an-diugh). Is ann eadar 5,000 gu 8,000 a bha an aireamh-sluaigh aca mun t-seachdeamh linn deug. Fuireachadh iad ann an bailtean beaga air feadh na dùthcha aca. Fuirichidh 20 millean daoine anns an aon roinn an-diugh! Chuir na Tongva fàilte air na maraichean Spainnteach ann an 1542 nuair a ràinig Juan Rodriquez Cabrillo California a Deas. Thàinig inimrichean Eòrpach dà cheud bhliadhna an dèidh sin, agus dh’iarraidh iad na Tongva a chur fo smachd riaghaltais Spainnteach.

Aon bheachd air “Tìr nan Tongva

  1. Chuir mi ceart an dà rud seo: Spainntis, mun t-seachdeamh linn deug. A.

Tha na beachdan dùinte.