Bùth Virgin ùr

Tha an Ridire Richard Branson a’ tighinn an-diugh. Dè nì e? Tha e a’ dol bùth mòr a fhosgladh aig Hollywood and Highland. ‘Se Virgin Megastore an t-ainm a th’air. Bithidh am bùth ùr faisg air an fhlat agam. Tha mi duilich nach eil barrachd airgid agam. ‘Se ionad-bhùthan mòr mòr a tha “Hollywood and Highland” agus ’sann aig meadhan na h-iomhaighean iomraiteach Hollywood a tha an suidheachadh aige air Slighe na Rionnagan air Hollywood Boulevard. Bi Grauman’ s Chinese Theater ri taobh. Tha INXS agus còmhlanan-ciùil eile a’ cluich aig cuirm an fhosglaidh an-diugh. Cha bhi mise ann (feumaidh a bhith ’san oifis!) ach tha mi dìreach air cluintinn Sir Richard air program reidio le Steve Jones, ceòladair maslach bho còmhlan-ciùil The Sex Pistols.

One thought on “Bùth Virgin ùr

  1. Halo agus dùrachdan às an Òragan (Oregon)! Tha blogsphere Gàidhlig a fàs mòr, nach e?

    Latha math dhut! (Ach tha an latha math fad na hùine ann an LA, tha mi a’ tuigsinn!)

    Eosaph
    http://blogeosaiph.blogspot.com/

Tha na beachdan dùinte.