Aig Oilthigh Caltech

Chaidh mi a dh’èisteachd òraid inntinneach aig an oilthigh Caltech o chionn ghoirid. Bha an t-Ollamh Harvey Newman, sàr-neach-fiosaige, a’ bruidhinn mu dheidhinn an Hadron Collider Mòr ann an Geneva. Cha tuig mi mòran de na bha e ag ràdh, ach bha e soilleir gum bi iad a’ bualadh protoin ri chèile aig ìre de chumhachd mhòr mhòr. Mar sin ‘s urrainn dhaibh mìrean fo-atamach glè bheag is ainneamh a dh’fhaicinn. Bho àm gu àm, co-dhiu. Tha iad ag iarraidh bun an tomad a th’aig a h-uile rud a thuigsinn. Bha an t-Ollamh Newman a’ toirt seachad tòrr fiosrachadh mun chollider fhèin is mun t-saidheans is mu na teòraidhean air na tha iad a’ sgrùdadh. Bha luchd-èisteachd a’ lìonadh an ionad-èisteachd mòr agus dh’fhosgail iad am balconaidh air ar son. Bha mi fhìn agus mo charaid Bill nar suidhe ann am balconaidh le deagh shealladh an t-ollaimh agus na sleamhnain mhòra aige.