Tha na gaothan air ais

Bidh a h-uile duine a’ faireachdainn gu dona. Seo na sgriobh dà ughdar ainmeil mun deidhinn:

“ There was a desert wind blowing that night. It was one of those hot dry Santa Anas that come down through the mountain passes and curl your hair and make your nerves jump and your skin itch. On nights like that every booze party ends in a fight. Meek little wives feel the edge of the carving knife and study their husbands’ necks. Anything can happen. You can even get a full glass of beer at a cocktail lounge. ”
— Raymond Chandler, “Red Wind”
“ The baby frets. The maid sulks. I rekindle a waning argument with the telephone company, then cut my losses and lie down, given over to whatever is in the air. To live with the Santa Ana is to accept, consciously or unconsciously, a deeply mechanistic view of human behavior.
…[T]he violence and the unpredictability of the Santa Ana affect the entire quality of life in Los Angeles, accentuate its impermanence, its unreliability. The wind shows us how close to the edge we are.
”
— Joan Didion, Slouching Towards Bethlehem.

Beul na h-oidhche anns an fhèithe

IMG_5667Am measg a’ bhaile mhóir agus ri taobh na sràidean ràpalach, tha an fheithe bheag seo a’ toirt tèarmann do dh’eòin agus do bheathaichean beaga. ‘S e fèithe de dh’fhior-uisge a th’ann an té seo, faisg air a’ mhuir. O thùs bha an t-àite seo làn fèithean fior-uisge agus fèithean sàile, ach chuir tuathanas-muice às dhaibh sna 1920an. ‘Sann aig tòisieachadh na 2000an a bha am fèithe seo ath-stéidhichte a dh’aona-ghnothach, còmhla ri leasachadh na coimhearsnachd.

 

“Mura h-eil an Spàinntis aca, ’s urrainn dhaibh cosnadh a lorg leis An Galaxy…”

Chaidh sgioba ball-coise ann an Los Angeles a thoirt gu lagh an t-seachdain seo air sailleabh leth-bhreith ri taobh cinnidh. Thuirt dithis chluicheadair òg gun do chuir Chivas USA ás an dreuchd air sgath ’s nach e Meagsagach a th’annda. Thug iad a’ chuis gu cuirt ann an Los Angeles Dimairt. Tha “chivas” a’ ciallachadh “gobhar” ’sa Spàinntis, agus tha “rebaño” a’ ciallachadh “treud.” Tha an dithis ag radh gun do thuirt ceannard an sgioba “mura h-eil an Spàinntis aca, ’s urrainn dhaibh cosnadh a lorg leis An Galaxy…”

IMG_6112

 

IMG_6114

Stèisean an Aonaidh

Seo talla nan ticeadean ann an Stèisean an Aonaidh. Chan eil an talla seo ga chleachdadh ann an latha an diugh air sàilleibh atharrachaidhean mòra anns na doighean siubhal sna Stàitean. Tha an talla na eisimpleir den ailtireachd mission revival a bha glè chumanta ann an California eadar 1900 agus 1940.

Na poitean-smùide

 Seo poit-smuide na sheasamh ri taobh craobhan orainsear. Bha tuathanaich orainseir gan cleachdadh airson eigh a’ cumail falbh bho na craobhan nuair a bha tìde fuar ann.