An déidh coig no sia bliadhna de thiormachd chruaidh ann an California a Deas, tha an t-uisge geamhradail ann mar bu chóir
Bidh a h-uile duine a’ faireachdainn gu dona. Seo na sgriobh dà ughdar ainmeil mun deidhinn:
“ There was a desert wind blowing that night. It was one of those hot dry Santa Anas that come down through the mountain passes and curl your hair and make your nerves jump and your skin itch. On nights like that every booze party ends in a fight. Meek little wives feel the edge of the carving knife and study their husbands’ necks. Anything can happen. You can even get a full glass of beer at a cocktail lounge. â€
— Raymond Chandler, “Red Wind”
“ The baby frets. The maid sulks. I rekindle a waning argument with the telephone company, then cut my losses and lie down, given over to whatever is in the air. To live with the Santa Ana is to accept, consciously or unconsciously, a deeply mechanistic view of human behavior.
…[T]he violence and the unpredictability of the Santa Ana affect the entire quality of life in Los Angeles, accentuate its impermanence, its unreliability. The wind shows us how close to the edge we are.
â€
— Joan Didion, Slouching Towards Bethlehem.
Chaidh sgioba ball-coise ann an Los Angeles a thoirt gu lagh an t-seachdain seo air sailleabh leth-bhreith ri taobh cinnidh. Thuirt dithis chluicheadair òg gun do chuir Chivas USA ás an dreuchd air sgath ’s nach e Meagsagach a th’annda. Thug iad a’ chuis gu cuirt ann an Los Angeles Dimairt. Tha “chivas” a’ ciallachadh “gobhar” ’sa Spà inntis, agus tha “rebaño” a’ ciallachadh “treud.” Tha an dithis ag radh gun do thuirt ceannard an sgioba “mura h-eil an Spà inntis aca, ’s urrainn dhaibh cosnadh a lorg leis An Galaxy…”
’S ann à trì cà nanan a tha na h-ainmean-à ite Los Angeles a’ tighinn. ’S iad a’ Bheurla agus an Spà intis agus an Tongva.
’S e an Tongva cà nan nan daoine dùthchasach Los Angeles. Fhuair i bàs ro dheireadh an 19mh linn, gu mi-fhortanach, ach chithear tòrr ainmean-à ite fhathast a tha a’ toirt fianais don mhuinntir sin. Tha feadhainn dhiubh, Malibu mar eiseimplir, gu math ainmeil. Tha bealach Cahuenga a’ leigeil còmhdhail a-muigh bho Hollywood. ’S e Topanga Canyon aon de na h-à itichean nas brèagha san sgìre. Agus tha topar naomh ann fhathast aig à ite air a bheil Kuruvungna. Chan eil e cho ainmeil, ach tha e fo churam muinntir Tongva a-rithist, mar shamhla gum bi an treubh bheag beò fhathast.
Thà inig an Spà intis do Chalifornia anns an 18mh linn leis na Frainseasaich. Anns a’ chiad dol a-mach, chuir iad 21 miseanan air chois. Ann an Los Angeles, ’s e San Gabriel (1771) agus San Fernando (1795) na h-ainmean-à ite as iomraitiche. ’S ann anns an linn na miseanan, anns a’ bhliadhna 1781, a rà inig na 44 luchd-tìreachas “saoghalta†bho Mheagsago, agus chuir iad ainm mòr, fada air a’ bhaile bheag, ùr aca: Pueblo de la Reina de los Angeles de la Porciuncula – ’s mar sin, chan e “cathair nan ainglean†a th’ann an LA, ach “cathair Ban-rìgh nan ainglean.â€
’S ann eadar 1784 agus 1850 a bha linn nan Ranchos. Cha robh mòran daoine a’ fuireach ann an California a Deas idir, ach bha mòran crodh ann! Bha rancho a’ ciallachadh seòrsa de dh’à irigh o thùs. Chuir na uachdaran mòra ainmean air an tìr a tha maireannach fhathast: Rancho Ballona, Rancho La Brea, Rancho Los Feliz, Rancho San Pedro, msaa.
Chithear ainmean na h-uachdaran agus daoine uasal cuideachd. Tha Beinn Verdugo os cionn cathair Burbank, agus bhuineas Burbank agus Glendale do José MarÃa Verdugo aig aon à m. Tha an t-srà id Pico a’ ruith bho mheadhan Los Angeles thairis gun mhuir. Bha PÃo de Jesus Pico na riaghltair Meagsagach deireannach ann an Alta California, ’s esan a’ fuireach ann an Los Angeles.
A bharrachd air ainmearan sònrachaidh, tha buaidh an Spà intis air briathrachas tìr-eòlas na sgìre. Chithear gu tric na faclan rancho agus canyon (cañon) air feadh California. ’S ann gu math cumanta cuideachd a tha “loma†a tha a’ ciallachadh “cnocâ€: Alta Loma, Mira Loma, Loma Linda. Agus chan eil rud sam bith cho Californiach ri San is Santa, “naomhâ€, sna h-ainmean ainmeil San Francisco agus Santa Barbara, San Diego agus Santa Monica.
Welcome to WordPress. This is your first post. Edit or delete it, then start blogging!
Tha tòrr ainmean Albannach ann an LA. Bho à m gu à m cuiridh mi eiseimpleirean dhiubh an-seo.
Chaidh mi a dh’èisteachd òraid inntinneach aig an oilthigh Caltech o chionn ghoirid. Bha an t-Ollamh Harvey Newman, sà r-neach-fiosaige, a’ bruidhinn mu dheidhinn an Hadron Collider Mòr ann an Geneva. Cha tuig mi mòran de na bha e ag rà dh, ach bha e soilleir gum bi iad a’ bualadh protoin ri chèile aig ìre de chumhachd mhòr mhòr. Mar sin ‘s urrainn dhaibh mìrean fo-atamach glè bheag is ainneamh a dh’fhaicinn. Bho à m gu à m, co-dhiu. Tha iad ag iarraidh bun an tomad a th’aig a h-uile rud a thuigsinn. Bha an t-Ollamh Newman a’ toirt seachad tòrr fiosrachadh mun chollider fhèin is mun t-saidheans is mu na teòraidhean air na tha iad a’ sgrùdadh. Bha luchd-èisteachd a’ lìonadh an ionad-èisteachd mòr agus dh’fhosgail iad am balconaidh air ar son. Bha mi fhìn agus mo charaid Bill nar suidhe ann am balconaidh le deagh shealladh an t-ollaimh agus na sleamhnain mhòra aige.