‘Se madainn bhrèagha a bh’ann an-dè. Cha robh cofaidh anns an taigh agam ’s mar sin chaidh me gu Coffee Bean & Tea Leaf ri taobh Nickelodeon on Sunset agus am Palladium. ‘S toigh leam an cafaidh ud, aig ceann eile a’ choimhearsnachd agam, mìle air falbh. Bha mi nam shuidhe air patio os cionn Sunset Boulevard. Leugh mi colbh no trì anns An Gaidheal Ur. Dh’ìth mi doughnut Krispy Kreme. Bhlian mi gu toilichte san solas grèine an deidh seachdain sgothach, gruamach.