Cànanan

Bidh iomadh bùth ann an LA a' cleachdadh na Spà inntis ri taobh na Beurla

Chithear agus cluinnear iomadh cànan ann an Los Angeles. Ged nach eil cànan oifigeil aig na Stàitean Aonaichte no aig California, tha California a Deas gu math dà-chànanach anns a’ bheatha lathail, leis a’ Spàinntis na cànan co-ionnan ris a’ Bheurla.

Sanas fiosrachaidh ann an trèan Metrorail (comhdhail poblach LA). Bidh na cà nanan bho Asia gu math cumanta anns a' bhaile.

Fo-thalamh Los Angeles

An Loidhne Dhearg ann an Hollywood. Bidh mòran de dhaoine a’ cleachdadh goireasan-siubhal poblach ann an Los Angeles.

Dè a’ Ghàidhlig nas fheàrr air public transport?

Steisean fo-thalamh Hollywood

Madainn chiùin

‘Se madainn bhrèagha a bh’ann an-dè. Cha robh cofaidh anns an taigh agam ’s mar sin chaidh me gu Coffee Bean & Tea Leaf ri taobh Nickelodeon on Sunset agus am Palladium. ‘S toigh leam an cafaidh ud, aig ceann eile a’ choimhearsnachd agam, mìle air falbh. Bha mi nam shuidhe air patio os cionn Sunset Boulevard. Leugh mi colbh no trì anns An Gaidheal Ur. Dh’ìth mi doughnut Krispy Kreme. Bhlian mi gu toilichte san solas grèine an deidh seachdain sgothach, gruamach.

Mura bheil car agaibh

Dh’fhosgail an Orange Line anns an t-Srath San Fernando Disathairne. ‘Se sin an treas loidhne còmhdail phoblach fosgladh o 1998. ‘S urrain do dhuine siubhal o thaobh an iar an t-Srath San Fernando gu North Hollywood ann an “busway.” Ruithidh an Orange Line eadar Canoga Park ‘s North Hollywood, far a coinnichidh e an Red Line. Theid an Red Line gu meadhan a’ bhaile. Dh’fhosgail an Red Line ann an 1998. ‘Se an Gold Line an darna loidhne fosgladh o 1998, ‘s e na ruith eadear meadhan a’ bhaile Los Angeles agus Pasadena.
Tha e doirbh còmhdail phoblach a chur a cois ann an LA, far am bi an car smachdail. Chan eil furasda cleachdadh nas motha, saor o turasan goirid.

Baile mòr, sanasan-reic mòra

http://www.billboardawards.com/

(roghnaichibh “Sunset Strip” an aite “Times Square”)

Nuair a bha mi a’ dol air ais ’s air adhart air an Sunset Strip, agus mise a’ siubhail o flat agam gu UCLA gach latha, bha mi toilichte a’ faicinn na sanasan-reic mòra mòra.

Chunna mi TV star Diluain. Bha Frankie Muniz a’ draibhadh air Sunset Blvd. ann an car ur, VW bug, far am bi mise a’ dol gu banca.

Mapa nas fhearr aig Google

Sanas-reic as motha ’sa coimhearsnachd agam:

Hollywood and LaBrea