Chaidh mi a streap air cliathaich beinn San Gorgonio o chionn ghorid. ‘S e beinn as à irde ann an California a Deas a th’innte, agus ‘s ann ann am pà irc nà iseanta a tha i na seasamh. Bha mi a’ streap còmhla ris a’ charaid agam Mà ta. B’abhaist dhuinn a bhith a streap cho tric sa gabhas air na beanntan beaga faisg air Los Angeles, ach bho à m gu à m bidh sinn a’ lorg euchd. Bha mi a’ fuireach aig taigh mo mhà thar fad deireadh na seachdaine, agus chaidh an teothachd suas gu 37 C, agus mar sin chuir e rhomhainn a dhèanamh air na beanntan San Bernardino agus adhar fionnar.
‘B e Huwaaly Kwasakyav a bh’orra anns a’ chà nan dùthchasach Mojave. Chruthaich a’ chearb mhòr air a bheil Cearb San Andreas na beanntan seo. ‘S ann air crìoch-phleataichean a tha na beanntan San Bernardino nan seasamh. Bidh am bualadh eadar a’ phleit Pacific agus a’ phleit Ameireaga a Tuath a’ putadh tomad de dh’eibhir suas chun nan speuran. Tha iad fada nas à irde na beinn sam bith anns a’ Bhreatainn. ‘S ann aig 11,503 troigh an à irde a bhiodh tu air mullach Beinn San Gorgonio. Cha do rà inig sinn ach 7200 troigh an à irde air an latha sin.
Dh’fheumadh sinn drà ibhadh 40 mìonaid a thìde bho srath San Bernardino suas rathad lùbach. Dh’fhag sinn a’ char aig car park anns a’ choille aig ceann an t-slighe “south fork†aig à irde 6900 troigh. Thòisich sinn a dhol suas tro choille thlachdmhòr, shà mhach. Bha beagan bùrn fhathast san srùthan, agus flùireachan an siud ‘s an seo fo na craobhan. An dèidh uair a thìde rà inig sinn “poop-out hill†agus sealltainn mhath air Beinn San Gorgonio.