Beul na h-oidhche anns an fhèithe

IMG_5667Am measg a’ bhaile mhóir agus ri taobh na sràidean ràpalach, tha an fheithe bheag seo a’ toirt tèarmann do dh’eòin agus do bheathaichean beaga. ‘S e fèithe de dh’fhior-uisge a th’ann an té seo, faisg air a’ mhuir. O thùs bha an t-àite seo làn fèithean fior-uisge agus fèithean sàile, ach chuir tuathanas-muice às dhaibh sna 1920an. ‘Sann aig tòisieachadh na 2000an a bha am fèithe seo ath-stéidhichte a dh’aona-ghnothach, còmhla ri leasachadh na coimhearsnachd.

 

Na poitean-smùide

 Seo poit-smuide na sheasamh ri taobh craobhan orainsear. Bha tuathanaich orainseir gan cleachdadh airson eigh a’ cumail falbh bho na craobhan nuair a bha tìde fuar ann.

Rìgh nan Speuran

’S e eun-creiche a th’ann an red-tailed hawk, agus ’s e an t-eun-creiche mòr as soirbhaichaile ann an California a Deas. Ged a tha iolairean maola agus iolairean buidhe ann anns na beanntan agus anns na h-eileanan faisg air Los Angeles, chan fhaic thu anns a’ bhaile-mhòr fhèin iad. Chì thu an red-tailed hawk, no Buteo jamaicensis, air feadh a’ bhaile, ge-tà. B’abhaist dhaibh beathaichean beaga na macharach ithe, coltach ri luchan no coineanaich, ach anns a’ bhaile-mhòr, ’s e radain agus calmanan-creige am biadh a tha iad a’ gabhail as trice.

B. jamaicensis ag itealaich ann an sgìre Los Feliz

Air a phostadh ann an nadar

Luibh-eòlas: a’ Bharbrag

Seo dealbh de bharbraig a thog mi o chionn ghoirid. Sgrìobh Ruairidh MacIlleathain mun bharbraig ann an Litir do Luch-ionnsachaidh 551. ‘S i Berberis nevinii a th’ innte (agus Mahonia nevinii), no Nevin’s Barberry. Chan eil fhios ’am fhathast cò Nevin. Ge be preas dùthchasach a th’ ann ann an California a Deas, chan fhaicear a’ bharbrag seo gu tric, ’s i tearc agus air liosta de phlanndrais ann an cunnart. Chan ann ach 500 air fhàgail, a rèir luchd-saidheans. Chunnaic mi an tè seo ann an ionad-àraich lusan Theodore Payne, far am bi iad a’ cur fàs air iomadh seòrsa de lusan dùthchasach.

Air a phostadh ann an nadar

Latha air Huwaaly Kwasakyav

Chaidh mi a streap air cliathaich beinn San Gorgonio o chionn ghorid. ‘S e beinn as àirde ann an California a Deas a th’innte, agus ‘s ann ann am pàirc nàiseanta a tha i na seasamh. Bha mi a’ streap còmhla ris a’ charaid agam Màta. B’abhaist dhuinn a bhith a streap cho tric sa gabhas air na beanntan beaga faisg air Los Angeles, ach bho àm gu àm bidh sinn a’ lorg euchd. Bha mi a’ fuireach aig taigh mo mhàthar fad deireadh na seachdaine, agus chaidh an teothachd suas gu 37 C, agus mar sin chuir e rhomhainn a dhèanamh air na beanntan San Bernardino agus adhar fionnar.

‘B e Huwaaly Kwasakyav a bh’orra anns a’ chànan dùthchasach Mojave. Chruthaich a’ chearb mhòr air a bheil Cearb San Andreas na beanntan seo. ‘S ann air crìoch-phleataichean a tha na beanntan San Bernardino nan seasamh. Bidh am bualadh eadar a’ phleit Pacific agus a’ phleit Ameireaga a Tuath a’ putadh tomad de dh’eibhir suas chun nan speuran. Tha iad fada nas àirde na beinn sam bith anns a’ Bhreatainn. ‘S ann aig 11,503 troigh an àirde a bhiodh tu air mullach Beinn San Gorgonio. Cha do ràinig sinn ach 7200 troigh an àirde air an latha sin.

Dh’fheumadh sinn dràibhadh 40 mìonaid a thìde bho srath San Bernardino suas rathad lùbach. Dh’fhag sinn a’ char aig car park anns a’ choille aig ceann an t-slighe “south fork” aig àirde 6900 troigh. Thòisich sinn a dhol suas tro choille thlachdmhòr, shàmhach. Bha beagan bùrn fhathast san srùthan, agus flùireachan an siud ‘s an seo fo na craobhan. An dèidh uair a thìde ràinig sinn “poop-out hill” agus sealltainn mhath air Beinn San Gorgonio.

Sìde nan seachd sian

Bha eagal orm nach biodh California a Deas a’ dol a dh’fhaotainn uisge gu leòr am bliadhna seo. ’S ann san t-seachdain seo chaidh, ge-tà, anns an do ràinig sìleadh ionadail gun ìre abhaisteach. Bha an t-uisge ann fad sia laithean. ’S e naidheachd sgrathail math a th’ann, oir tha tiormachd air a bhith ann fad deich bliadhna. Tha sinn anns an treasa bliadhna de thiormachd chruaidh air feadh na stàite, a rèir an riaghaltais.

Tha am Foghar a’ tighinn


Dark-eyed Junco
Originally uploaded by Michael Woodruff.

Chunna mi eun beag – Oregon Junco no Junco Hyamalis – anns a’ gharradh mo mhàthar DiSathairne seo chaidh. Tha sin a’ ciallachadh gu bheil am Foghar a’ tighinn. Tha na h-eòin seo a’ fuireach ann an Canada agus an USA a tuath (far am bheil an staid Oregon) fada an samhradh. Taing do Mhìchel airson an deilbh. Seo tuilleadh fiosrachaidh: http://www.birds.cornell.edu/AllAboutBirds/BirdGuide/Dark-eyed_Junco_dtl.html