Los Angeles County Museum of Art

Thàinig cairt-bhallrachd agam LACMA anns a’ phost an-dè. ‘Se taigh-tasgaidh mòr a th’ann, agus tha e air suidheachadh air Wilshire Boulevard ri toabh làraich ainmeil na Tar Pits LaBrea. Fhuair mi a’ bhallrachd fad ’s a bha taisbeanadh dealbhan le David Hockney ann. ‘Sann saor do bhuill tha ticeadan thaisbeanaidh, agus gheibh mi ticeadan nuair a thoisicheas taisbeanadh Magritte ann an ùine ghoirid. Tha tachartasan eile agus filmichean gu leòr ann cuideachd. Bi mòran ri dèanamh anns a’ bhliadhna ri tighinn.

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach