Hadda Brooks, Bànrigh na Boogie, 1916-2002

8mh den Mhàrt 2007 – Latha eadarnàiseanta bhoireannach

‘Se mìos eachdraidh afracanach ameireaganach a th’ann an Gearran agus ’se mìos eachdraidh bhoireannach a th’ann am Màrt. ‘Se Los Angeles cuspair a’ bhloig seo. Mar sin tha mi a-mach air Hadda Brooks an-diugh.
Rugadh agus thogadh Hadda Brooks – née Hadda Hopgood – ann am Boyle Heights, Los Angeles, sgìre faisg air meadhan a’ bhaile. Bha na daoine aice à Georgia. ‘Se cluicheadair piano math fhèin a bh’innte. Bha i gu math ainmeil cheana mar cluicheadair piano boogie nuair thoisich i seinn air ard-ùrlar. Bha i na seinneadair blues.

Nochd Hadda ann am filmichean anns na 1950an agus anns na 1990an, mar shamhla ann am film In a Lonely Place còmhla ri Humphrey Bogart. Bha i na cuirmear telebhisean anns na 1950an cuideachd – a’ chiad boireannach afracanach ameireaganach le prògram telebhisean aice fhèin.
‘S urrainn do dhaoine ceòl le Hadda a dh’eisteachd saor an asgaidh aig làrach-lìn Rhapsody (http://www.rhapsody.com/haddabrooks)

Seo agallamh inntinneach a rinn i:

http://www.umich.edu/~afroammu/standifer/brooks.html

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach