‘S e a’ chiad latha dhen Earrach a bh’ann o chionn ghoirid. A bheil sibh a’ smaoineachadh gum bi a’ ghrian ann an L.A. gu brath? Cha bhi. ‘S e latha gruamach sgòthach fuar a bh’ann an-sin. ‘S docha gun robh beagan uisge ann, an-siud ’s an-seo, ach cha robh uisge gu leòr ann gun teagamh.
Chan eil ach dà “rà ith” ann an California a Deas: rà ith thioram agus rà ith fhliuch. Tha an rà ith fhliuch a’ tighinn gu crìch a dh’aithghearr, ach cha robh i glè fhliuch idir. Bha i cho tioram am bliadhna seo gum bi cunnart theine ann fhathast.
Chan eil bliadhna nas tiorma riamh a rèir Seirbheis Nà iseanta na h-Aimsire. Bhon Iuchar 2006 cha do thuit ach 6.10 cm dhen uisge.
Agus an-diugh, tha teine mòr a’ losgadh ann am pà irc mhòr a’ bhaile fhèin…