Thug mi bhòta gu h-aindeònach an-diugh. Chosg an taghadh sònraichte millleanan not.
Tasg-lannan nan roinn-seòrsa: Uncategorized
An toil leibh Art Deco?
Seo The Argyle, taigh-òsda air an t-Sunset Strip.
Bùth Virgin ùr
Tha an Ridire Richard Branson a’ tighinn an-diugh. Dè nì e? Tha e a’ dol bùth mòr a fhosgladh aig Hollywood and Highland. ‘Se Virgin Megastore an t-ainm a th’air. Bithidh am bùth ùr faisg air an fhlat agam. Tha mi duilich nach eil barrachd airgid agam. ‘Se ionad-bhùthan mòr mòr a tha “Hollywood and Highland” agus ’sann aig meadhan na h-iomhaighean iomraiteach Hollywood a tha an suidheachadh aige air Slighe na Rionnagan air Hollywood Boulevard. Bi Grauman’ s Chinese Theater ri taobh. Tha INXS agus còmhlanan-ciùil eile a’ cluich aig cuirm an fhosglaidh an-diugh. Cha bhi mise ann (feumaidh a bhith ’san oifis!) ach tha mi dìreach air cluintinn Sir Richard air program reidio le Steve Jones, ceòladair maslach bho còmhlan-ciùil The Sex Pistols.
An Gnìomhachas: ceòl ’s film
Cinerama Dome ri taobh Amoeba Music. Chunnaic mi film ùr le George Clooney an-siud feasgar Didomhnaich. ‘Se deagh fhilm dha riribh a th’ann.
Raithe teine
Bha ceithir teintean mòra an t-seachdain seo chaidh. Bha mi air streapachadh nam beann Verdugo ann am Burbank Disathairne ro thoisich an teine ud. Tha dà theine faisg air Redlands, far am bi mo mhathair a’ fuireach.