Na bithibh gorach!


IMG_4456

Originally uploaded by etara.

Oidhche shamhna ann an L.A. Chan eil cail a dh’fhios agam carson chuir na h-ughdarrasan casg air Silly String. ‘Se taigh-sinnse sporsail a th’ann an Frolic Room, faisg air Hollywood Blvd ’s Vine, crois-rathaid gu math ainmeil.

Taing do Etara airson an deilbh!

Cha robh an t-uisge ann


1_sm

Originally uploaded by AlasdairFitheach.

Coiseachd monaidh, doigh Caileafornach. Chan eil an geamhreadh a’ tighinn idir. Chunnaic sinn beagan fhèidh agus eòin gu leòr (dusan fithich a’ cluich air mullach, bha sin math dha riribh). Leughaibh storaidh an turais (’sa bheurla) aig làrach-lìn an caraid agam Raibeart:
http://www.celsius1414.com/node/1283
0_sm

6_sm

Thàinig am Foghar


LA Sunburst During Storm

Originally uploaded by StuSeeger.

Tha an t-uisge ann! Thàinig frasan beaga, troma tron bhaile an-dè. Feumaidh mi sgàilean-uisge ùr a cheannaic. Sin a’ chiad frasan o chionn a’ Ghiblean. Chan eil ach dà ràith na bliadhna aig Los Angeles: leth na bliadhna teth ’s tioram, agus leth na bliadhna fliuch ’s fuar.

Taing mhòr do StuSeeger o Fhlickr airson deilbh math Los Angeles fo frasan. Sin Hollywood aig ceann a’ bhogha-fhrois.

Nuair a bhios an t-uisge ann,

bi an adhar slàn, glan

Tha am Foghar a’ tighinn


Dark-eyed Junco
Originally uploaded by Michael Woodruff.

Chunna mi eun beag – Oregon Junco no Junco Hyamalis – anns a’ gharradh mo mhàthar DiSathairne seo chaidh. Tha sin a’ ciallachadh gu bheil am Foghar a’ tighinn. Tha na h-eòin seo a’ fuireach ann an Canada agus an USA a tuath (far am bheil an staid Oregon) fada an samhradh. Taing do Mhìchel airson an deilbh. Seo tuilleadh fiosrachaidh: http://www.birds.cornell.edu/AllAboutBirds/BirdGuide/Dark-eyed_Junco_dtl.html

Talpra, Magyar!

Tha mi toilichte gum bi am prògram Eòrpa a’ toirt sùil air cuimhneachd cudromach – 1956 ann an Ungaire. ‘Se cuimhneachd cudromach dhomsa cuideachd. Bha m’athair an sàs ann.

A-rèir riaghaltas na h-Ungaire, tha coimhearsnachd mhòr chudromach de daoine ungaireach ann an L.A. Seo co-thuiteamas inntinneach. Chunnaic mi an carragh do na h-ungairich seo aig Square Mindszenty fad ’sa bha mi a’ draibheadh tron bhaile a-raoir.

Dè tha “Talpra, Magyar” a’ ciallachadh? Leugh mu a dheidhinn an seo

Chollywood


Chollywood

Originally uploaded by AlasdairFitheach.

Tha coimhearsnachd mhòr Iudach ann an Los Angeles. Seo buill a’ choimhearsnachd chaisidigeach (Chasidic) air sraid Labrea latha na sàbaid (am fìor latha na sàbaid) o chionn goirid. Tha iad a’ cur aodach bho 18mh linn orra fhathast.