60 t. an à rd, ’se deagh venue bhall-choise aig lùchairt-fhilm Grauman’s Egyptian Theater. ‘Se togalach ainmeil eachraidheil agus a’ chiad tarraing-luchd-turais Hollywood a th’ann an Egyptian.
Chaidh mi ’sa mhadainn seo a dh’fhaicinn am maidse cupa na cruinne eadar an Fhraing agus an Eilbheis. ‘Se triùr a bh’annainn nar suidhe anns a’ bhalconaidh mòr aig 0900 m. Mise agus an caraid agam Bill agus duine à Dùn Èideann – ’se Stuart an t’ainm a th’air – agus bha còignear luchd-taich Fraingeach nan suidhe shios. Bi ùidh ann am ball-coise aig mòran de dhaoine ann an LA, ach bha iad gun teagamh anns na taighean-seinnse air feadh a’ bhaile a tha fosgladh moch do luchd-leanmhainn.