Ball-stèidhe

Sgriobh mi seo sa Gearran (tha mi ro thrang na laithean seo) agus mar a tha an seasan ball-stèidhe a’ fosgladh a-maireach, tha mi a’ foillseachadh e an-diugh.

‘Se an Gearran mìos eachdraidh daoine dubha anns na Stàitean Aonaichte. Tha mi ag iarraidh innse dhuibh rudeigin mu dheidhinn Los Angeles agus eachdraidh nan Afraganach Ameireaganach. ‘Sann glè mhòr a tha an cuspair sin. ‘S fior thoil leam a bhith a coimhead ball-stèidhe, no beidhsball, agus mar sin tha mi a’ dol asgriobhadh mu dheidhinn fir gaisgeaich anns a’ gheama sonraichte Ameireaganach.

‘Se Jackie Robinson (John Roosevelt Robinson) cluicheadair ball-stèidhe, no beidhsball, a bh’ann. ‘Sann glè ainmeil a bha e cuideachd. Chluich e ball-steidhe glè mhath, ach tha cuimhne againn air o chionn air a bhith esan a’ chiad cluicheadair dubh anns na prìomh lìgean dreuchdail anns na Stàitean Aonaichte anns an ficheadamh linn.

Rugadh Robinson anns a’ bhliadhna 1919, agus thogadh e anns am Pasadena, faisg air Los Angeles. Bha e na oileanach aig UCLA (Oilthigh California ann an Los Angeles), far an do chluich e ball-stèidhe is ball-coise ameireaganach is basketball. Bha e na shaideair an deidh sin. Nuair a dh’fhàg e an arm, bha e na chluicheadair a-rithist.

Bha na Dodgers sgioba dreuchdail, ainmeil fad leth-ceud bliadhna. Bhuidhne na Dodgers aig Brooklyn, anns a’ bhaile New York. Dh’iarr am manaidsear aca a bhith a chleachdadh cluicheadairean dubha, ach, aig an àm sin, bha na Stàitean Aonaiche loma-làn cinneadh-chlaoidhteach. Bha apartheid ann. Ach cha robh lagh air a shon, cha robh ach àbhaist ann an ball-stèidhe. Dh’iarr am manaidsear nan Dodgers an àbhaist atharrachadh. Chuir e fios do Robinson gu dìomhair. Dh’aontaich Robinson (air/ris?) an iomairt. Cha robh e toilichte leis a’ chinneadh-chlaoidhteach Ameireaganach. Bhiodh sin cothrom cudromach ag atharrachadh an t-saoghal.