Lakers nan gaisgich a-rithist.

Bhuannaich na Los Angeles Lakers an coigheamh gaisgeachd deug aca an-dè. Rinn na Lakers a’ chùis aig deireadh sreath gheamaichean an aghaidh The Orlando Magic bhon bhaile Orlando (baile mòr ann am Florida le ceangal mòr ri Disney Inc – ‘s mar sin, “magic”). ‘S ann measail measail air na Lakers a tha muinntir LA. Bhuannaich iad a’ ghaisgeachd ann an 2000 is 2001 is 2002, cleas air a bheil “three-peat.” Chithear dathan na Lakers, purpaidh agus buidhe, air feadh a’ bhaile. Leis nach eil sgioba ball-coise Ameireaganach aig a’ bhaile, ‘s iad ball-basgaid agus ball-steidhe na cluichannan as mòr-chòrdte ann an LA. Agus aig an àm seo, tha na Dodgers aig mullach na lìogan ball-steidhe.