Ainmean-àite ann an California a Deas

’S ann à trì cànanan a tha na h-ainmean-àite Los Angeles a’ tighinn. ’S iad a’ Bheurla agus an Spàintis agus an Tongva.

’S e an Tongva cànan nan daoine dùthchasach Los Angeles. Fhuair i bàs ro dheireadh an 19mh linn, gu mi-fhortanach, ach chithear tòrr ainmean-àite fhathast a tha a’ toirt fianais don mhuinntir sin. Tha feadhainn dhiubh, Malibu mar eiseimplir, gu math ainmeil. Tha bealach Cahuenga a’ leigeil còmhdhail a-muigh bho Hollywood. ’S e Topanga Canyon aon de na h-àitichean nas brèagha san sgìre. Agus tha topar naomh ann fhathast aig àite air a bheil Kuruvungna. Chan eil e cho ainmeil, ach tha e fo churam muinntir Tongva a-rithist, mar shamhla gum bi an treubh bheag beò fhathast.

Thàinig an Spàintis do Chalifornia anns an 18mh linn leis na Frainseasaich. Anns a’ chiad dol a-mach, chuir iad 21 miseanan air chois. Ann an Los Angeles, ’s e San Gabriel (1771) agus San Fernando (1795) na h-ainmean-àite as iomraitiche. ’S ann anns an linn na miseanan, anns a’ bhliadhna 1781, a ràinig na 44 luchd-tìreachas “saoghalta” bho Mheagsago, agus chuir iad ainm mòr, fada air a’ bhaile bheag, ùr aca: Pueblo de la Reina de los Angeles de la Porciuncula – ’s mar sin, chan e “cathair nan ainglean” a th’ann an LA, ach “cathair Ban-rìgh nan ainglean.”

’S ann eadar 1784 agus 1850 a bha linn nan Ranchos. Cha robh mòran daoine a’ fuireach ann an California a Deas idir, ach bha mòran crodh ann! Bha rancho a’ ciallachadh seòrsa de dh’àirigh o thùs. Chuir na uachdaran mòra ainmean air an tìr a tha maireannach fhathast: Rancho Ballona, Rancho La Brea, Rancho Los Feliz, Rancho San Pedro, msaa.

Chithear ainmean na h-uachdaran agus daoine uasal cuideachd. Tha Beinn Verdugo os cionn cathair Burbank, agus bhuineas Burbank agus Glendale do José María Verdugo aig aon àm. Tha an t-sràid Pico a’ ruith bho mheadhan Los Angeles thairis gun mhuir. Bha Pío de Jesus Pico na riaghltair Meagsagach deireannach ann an Alta California, ’s esan a’ fuireach ann an Los Angeles.

A bharrachd air ainmearan sònrachaidh, tha buaidh an Spàintis air briathrachas tìr-eòlas na sgìre. Chithear gu tric na faclan rancho agus canyon (cañon) air feadh California. ’S ann gu math cumanta cuideachd a tha “loma” a tha a’ ciallachadh “cnoc”: Alta Loma, Mira Loma, Loma Linda. Agus chan eil rud sam bith cho Californiach ri San is Santa, “naomh”, sna h-ainmean ainmeil San Francisco agus Santa Barbara, San Diego agus Santa Monica.