700 mìle ceàrnagach air losgadh, 1,600 dachaigh air sgrios

Tha Radio nan Gaidheal ag aithris an-diugh:

“Tha dòchas ann gu socraich a’ ghaoth a th’ air a bhith a’ toirt air teintean a bhith a’ sgaoileadh ann an California. Thuirt oifigearan gun tàinig air mu mhillean duine an dachannan fhàgail – agus tha an Ceann-suidhe Bush a’ dol a thadhal air an stàid an-diugh.”

Ach chan eil am pàipear-naidheachd The L.A. Times cho cinnteach às na figearan sin an-diugh. Tha luchd-naidheachd aig a’ phaipear-naidheachd a’ sgrìobhadh gu bheil e colthach a’ mheas de 1,000,000 fada ro àrd, agus b’e figear mar 300,000 duine air fhàgail na dachaighean aca am figear nas ceirte. Tha sinn uile glè thoilichte nach do chaill mòran am beatha.

Tha tòrr toit ann fhathast, agus fàileadh sùith, tha sin cinnteach, agus chan eil e glè fhurasta a dh’anailaich. Chan eil i gaothach idir ann an L.A. fhèin.

Chan e Pàrras a th’ann ach Ifrinn

Madainn uamhas.jpg

Cha tug na frasan beaga na seachdaine seo chaidh taiseachd gu leòr idir. Thàinig an t-sìde tioram, teth air ais. Thàinig gaoithean laidir, tioram còmhla rithe. ‘Sann làn teine is toite a tha California a Deas an-diugh. Dh’fhàg 250,000 daoine na dachaighean aca ann an Siorrachd San Diego.