Tha tòrr ainmean Albannach ann an LA. Bho à m gu à m cuiridh mi eiseimpleirean dhiubh an-seo.
Tasg-lannan mìosail: Am Faoilleach 2010
Aig Oilthigh Caltech
Chaidh mi a dh’èisteachd òraid inntinneach aig an oilthigh Caltech o chionn ghoirid. Bha an t-Ollamh Harvey Newman, sà r-neach-fiosaige, a’ bruidhinn mu dheidhinn an Hadron Collider Mòr ann an Geneva. Cha tuig mi mòran de na bha e ag rà dh, ach bha e soilleir gum bi iad a’ bualadh protoin ri chèile aig ìre de chumhachd mhòr mhòr. Mar sin ‘s urrainn dhaibh mìrean fo-atamach glè bheag is ainneamh a dh’fhaicinn. Bho à m gu à m, co-dhiu. Tha iad ag iarraidh bun an tomad a th’aig a h-uile rud a thuigsinn. Bha an t-Ollamh Newman a’ toirt seachad tòrr fiosrachadh mun chollider fhèin is mun t-saidheans is mu na teòraidhean air na tha iad a’ sgrùdadh. Bha luchd-èisteachd a’ lìonadh an ionad-èisteachd mòr agus dh’fhosgail iad am balconaidh air ar son. Bha mi fhìn agus mo charaid Bill nar suidhe ann am balconaidh le deagh shealladh an t-ollaimh agus na sleamhnain mhòra aige.
Craobh Chaorainn
’S ann gu tric a chi thu craobh-chaorainn an Los Angeles. ‘S ann air feadh na leth-chruinne mu thuath a gheibhear an gnè mhòr de chraobh seo (an gnè air a bheil Sorbus). Tha seòrsaichean dùthchasach ann an California mar Shorbus americana, ach chan eil mi cinnteach ma ’s e iad seo na seòrsaichean a gheibh thu fad sraidean a’ bhaile, oir tha seòrsaichean bhon Roinn Eòrpa air a chur fà s an seo cuideachd.