24/7 air Hollywood Boulevard

Tha iad ag obair fad na h-uine a-nis, agus cùmaidh iad air gus an latha sonraichte. Thog mi an dealbh seo aig leth-uair an deidh meadhan-oidhche.

24/7 air Hollywood Boulevard

Cuirear am brat-ùrlar dearg anns a’ Ghailearaidh Mòr a dh’aithgearr. Chan eil fhios agam dè an t-ainm nas fhearr airson seo. ‘Se trannsa mòr luachmhor a th’ann. Togaidh mi tuilleadh dhealbhan dheth an ùine goirid.
An Gaileiridh Mòr aig an Taigh-cluiche Kodak


Pròiseact inneal

Chaidh mi a dh’fhaicinn taisbeanadh ùr aig Proiseact Inneal a-raoir ann an Echo Park

Chaidh mi an-sin còmhla ri bana-caraidean agam Leah agus Marcia. Bha Bill, duine aig Marcia, tinn agus dh’fhan e dhachaigh. As deidh a bhith coimhead an ealain, chaidh sinn gu Taix, taigh-bìdh Frangach air Sunset Boulevard, far an robh sinn ag ithe fheusgannan agus canard à l’orange agus ag eisteachd ceòl country-rock anns a’ bhar.

Tha tuilleadh fiosrachadh air Mark Allen agus Machine Project an-seo

Tha dealbh math a’ phìosa-ealaine an-seo

Ball-coise: L.A. Galaxy an aghaidh Oilthigh Loyola Marymount

LMU vs. LA Galaxy

Bidh fhios aig a h-uile daoine gu bheil Dabhaidh Beckham a’ tighinn gu Los Angeles agus ’sann aig sgioba LA Galaxy a bhuineas e. Uill tha Becks ann am Madrid fhathast, ach bha geam cairdeil ann an-dè eadar sgioba ùr aige agus sgioba à oilthigh fàisg air làimh. Chaidh mi a dh’fhaicinn an geam agus chord e rium glan. Bhuannaich LA Galaxy dà thadhal gu neoni.
‘Sann aig OLM (LMU ’sa Bheurla) a bha mi nam oileanach, agus tha mi nam leabharlannaiche an sin a-nis. ‘Sann anns an earrach a thoiseachas an sèasan ball-coise proifeasanta ann an USA.

Seo dealbh eile. Airson tuilleadh dhealbhan, putaibh air – tha torr a bharrachd ann aig Flickr agam.

LMU vs. LA Galaxy