Tha a’ phrìs peadroil a’ dol sìos gu luath. Thuit i fo USD 2.50/galan Disathairne (GBP 1.44) mu dheireadh thall. ‘Se sin a’ phrìs as lugha a chunnaic mi ged-ta. ‘Sann aig BP/Arco a bha i. Phà igh mi seachd dollars air fhichead (còig notichean deich) an t-amar agam a lìonadh a bhon-dè co-dhiu.
Tasg-lannan mìosail: An t-Samhain 2005
Buaidh mhòr an t-sluaigh
Cha do rinn chùis Schwarzenegger idir, agus thug muinntir Los Angeles bhota airgead a thogail airson ath-leasachaidh nan sgoiltean.
Cuir crìoch air Terminator
Thug mi bhòta gu h-aindeònach an-diugh. Chosg an taghadh sònraichte millleanan not.
Chaidh 13 daoine a chiùrradh ann an tubaist air an t-Orange Line Dimairt. Cha do stad draibhear car aig an t-solas rathaid.
Mura bheil car agaibh
Dh’fhosgail an Orange Line anns an t-Srath San Fernando Disathairne. ‘Se sin an treas loidhne còmhdail phoblach fosgladh o 1998. ‘S urrain do dhuine siubhal o thaobh an iar an t-Srath San Fernando gu North Hollywood ann an “busway.†Ruithidh an Orange Line eadar Canoga Park ‘s North Hollywood, far a coinnichidh e an Red Line. Theid an Red Line gu meadhan a’ bhaile. Dh’fhosgail an Red Line ann an 1998. ‘Se an Gold Line an darna loidhne fosgladh o 1998, ‘s e na ruith eadear meadhan a’ bhaile Los Angeles agus Pasadena.
Tha e doirbh còmhdail phoblach a chur a cois ann an LA, far am bi an car smachdail. Chan eil furasda cleachdadh nas motha, saor o turasan goirid.
An toil leibh Art Deco?
Seo The Argyle, taigh-òsda air an t-Sunset Strip.