Bha eagal orm nach biodh California a Deas a’ dol a dh’fhaotainn uisge gu leòr am bliadhna seo. ’S ann san t-seachdain seo chaidh, ge-tà , anns an do rà inig sìleadh ionadail gun ìre abhaisteach. Bha an t-uisge ann fad sia laithean. ’S e naidheachd sgrathail math a th’ann, oir tha tiormachd air a bhith ann fad deich bliadhna. Tha sinn anns an treasa bliadhna de thiormachd chruaidh air feadh na stà ite, a rèir an riaghaltais.
Tasg-lannan nan roinn-seòrsa: Naidheachdan
700 mìle ceà rnagach air losgadh, 1,600 dachaigh air sgrios
Tha Radio nan Gaidheal ag aithris an-diugh:
“Tha dòchas ann gu socraich a’ ghaoth a th’ air a bhith a’ toirt air teintean a bhith a’ sgaoileadh ann an California. Thuirt oifigearan gun tà inig air mu mhillean duine an dachannan fhà gail – agus tha an Ceann-suidhe Bush a’ dol a thadhal air an stà id an-diugh.”
Ach chan eil am pà ipear-naidheachd The L.A. Times cho cinnteach à s na figearan sin an-diugh. Tha luchd-naidheachd aig a’ phaipear-naidheachd a’ sgrìobhadh gu bheil e colthach a’ mheas de 1,000,000 fada ro à rd, agus b’e figear mar 300,000 duine air fhà gail na dachaighean aca am figear nas ceirte. Tha sinn uile glè thoilichte nach do chaill mòran am beatha.
Tha tòrr toit ann fhathast, agus fà ileadh sùith, tha sin cinnteach, agus chan eil e glè fhurasta a dh’anailaich. Chan eil i gaothach idir ann an L.A. fhèin.
Chan e PÃ rras a th’ann ach Ifrinn
Chaidh 13 daoine a chiùrradh ann an tubaist air an t-Orange Line Dimairt. Cha do stad draibhear car aig an t-solas rathaid.
Mura bheil car agaibh
Dh’fhosgail an Orange Line anns an t-Srath San Fernando Disathairne. ‘Se sin an treas loidhne còmhdail phoblach fosgladh o 1998. ‘S urrain do dhuine siubhal o thaobh an iar an t-Srath San Fernando gu North Hollywood ann an “busway.†Ruithidh an Orange Line eadar Canoga Park ‘s North Hollywood, far a coinnichidh e an Red Line. Theid an Red Line gu meadhan a’ bhaile. Dh’fhosgail an Red Line ann an 1998. ‘Se an Gold Line an darna loidhne fosgladh o 1998, ‘s e na ruith eadear meadhan a’ bhaile Los Angeles agus Pasadena.
Tha e doirbh còmhdail phoblach a chur a cois ann an LA, far am bi an car smachdail. Chan eil furasda cleachdadh nas motha, saor o turasan goirid.