Lakers nan gaisgich a-rithist.

Bhuannaich na Los Angeles Lakers an coigheamh gaisgeachd deug aca an-dè. Rinn na Lakers a’ chùis aig deireadh sreath gheamaichean an aghaidh The Orlando Magic bhon bhaile Orlando (baile mòr ann am Florida le ceangal mòr ri Disney Inc – ‘s mar sin, “magic”). ‘S ann measail measail air na Lakers a tha muinntir LA. Bhuannaich iad a’ ghaisgeachd ann an 2000 is 2001 is 2002, cleas air a bheil “three-peat.” Chithear dathan na Lakers, purpaidh agus buidhe, air feadh a’ bhaile. Leis nach eil sgioba ball-coise Ameireaganach aig a’ bhaile, ‘s iad ball-basgaid agus ball-steidhe na cluichannan as mòr-chòrdte ann an LA. Agus aig an àm seo, tha na Dodgers aig mullach na lìogan ball-steidhe.

Air a phostadh ann an Spòrs

Ball-coise: L.A. Galaxy an aghaidh Oilthigh Loyola Marymount

LMU vs. LA Galaxy

Bidh fhios aig a h-uile daoine gu bheil Dabhaidh Beckham a’ tighinn gu Los Angeles agus ’sann aig sgioba LA Galaxy a bhuineas e. Uill tha Becks ann am Madrid fhathast, ach bha geam cairdeil ann an-dè eadar sgioba ùr aige agus sgioba à oilthigh fàisg air làimh. Chaidh mi a dh’fhaicinn an geam agus chord e rium glan. Bhuannaich LA Galaxy dà thadhal gu neoni.
‘Sann aig OLM (LMU ’sa Bheurla) a bha mi nam oileanach, agus tha mi nam leabharlannaiche an sin a-nis. ‘Sann anns an earrach a thoiseachas an sèasan ball-coise proifeasanta ann an USA.

Seo dealbh eile. Airson tuilleadh dhealbhan, putaibh air – tha torr a bharrachd ann aig Flickr agam.

LMU vs. LA Galaxy

¡Arriba las Chivas!


2

Originally uploaded by AlasdairFitheach.

Chaidh mi a dh’fhaicinn geam ball-coise o chionn ghoirid. ‘Se latha deireannach an sèasan a bh’ann. Bha Chivas USA a’ cluich an aghaidh Real Salt Lake. Tha Chivas USA à Los Angeles, agus tha Real Salt Lake à Baile Salt Lake ann an Utah.

Chan eil ach aon lìog ball-coise proifeiseanta anns na Stàitean Aonaichte, agus chan eil ach 12 clubaichean aig an lìog. Tha sin ceart. 12. Tha dà sgioban aig gach club, am prìomh 11 agus an sgioba tasgadh. Tha dà chlub aig Los Angeles: Chivas USA agus An Galaxy. ‘Se club ainmeil à Guadalajara a tha Chivas, ’s mar sin ’se daoine Meagsagach a th’anns a’ mhòrchuid dhen luchd-taic Chivas USA. Tha ‘chivas’ a’ chiallachadh ‘gobhair’ ’sa Spàinntais.

‘Se geam math a bh’ann. Fhuair Chivas a’ chiad tadhal anns a’ chiad leth, ach fhuair Real Salt Lake an dàrna tadhal anns a’ mhionaid dheireannach de dàrna leth a’ gheam.
Chivas USA an aghaidh Real Salt Lake

Ionad-spòrs Home Depot