Lùchairt na h-Oscars air Hollywood Boulevard

Nach bu Oscar mac Oisein ic Fhinn? Uill, ’se àm na h-Oscars an-dràsda ann an LA, agus ’se àm glòir ar gaisgeach fhìn a th’ann.

Seo lùchairt na h-Oscars air madainn chiùil, abhaisteach aig deireadh an Fhaoillich. Bidh a h-uile rud a’ dol ag atharrachadh gu mòr san seachdainean ri teachd!

An Taghadh USA 2006


Fiosrachadh-taghaidh

Originally uploaded by AlasdairFitheach.

An Taghadh USA 2006

‘S abhaist dhomh bhòtadh a-riamh. Tha mi a’ dol a bhòtadh gu toilichte a-màireach. Am bheil sinn a’ dol a dh’atharrachadh an riaghladh? Tha mise ag iarraidh atharrachaidh e. Tha e coltach gu bheil an sluagh Aimearaganach ag aontachadh rium. ‘Se taghadh cudromach a th’ann aig an ìre nàiseanta.

‘Se taghadh aig ìre nan stàitean cuideachd. Tha Arnold Schwarzenegger (Republican) agus Phil Angelides (Democrat) a’ strì ri chèile airson oifis an riaghladair California. Tha an saoghal uile eòlach air Arnold. Chan e ach fear-poileataics abhaisteach a tha Phil, ’s mar sin tha e air call cheana.

Na bithibh gorach!


IMG_4456

Originally uploaded by etara.

Oidhche shamhna ann an L.A. Chan eil cail a dh’fhios agam carson chuir na h-ughdarrasan casg air Silly String. ‘Se taigh-sinnse sporsail a th’ann an Frolic Room, faisg air Hollywood Blvd ’s Vine, crois-rathaid gu math ainmeil.

Taing do Etara airson an deilbh!

Cha robh an t-uisge ann


1_sm

Originally uploaded by AlasdairFitheach.

Coiseachd monaidh, doigh Caileafornach. Chan eil an geamhreadh a’ tighinn idir. Chunnaic sinn beagan fhèidh agus eòin gu leòr (dusan fithich a’ cluich air mullach, bha sin math dha riribh). Leughaibh storaidh an turais (’sa bheurla) aig làrach-lìn an caraid agam Raibeart:
http://www.celsius1414.com/node/1283
0_sm

6_sm

Thàinig am Foghar


LA Sunburst During Storm

Originally uploaded by StuSeeger.

Tha an t-uisge ann! Thàinig frasan beaga, troma tron bhaile an-dè. Feumaidh mi sgàilean-uisge ùr a cheannaic. Sin a’ chiad frasan o chionn a’ Ghiblean. Chan eil ach dà ràith na bliadhna aig Los Angeles: leth na bliadhna teth ’s tioram, agus leth na bliadhna fliuch ’s fuar.

Taing mhòr do StuSeeger o Fhlickr airson deilbh math Los Angeles fo frasan. Sin Hollywood aig ceann a’ bhogha-fhrois.

Nuair a bhios an t-uisge ann,

bi an adhar slàn, glan

Talpra, Magyar!

Tha mi toilichte gum bi am prògram Eòrpa a’ toirt sùil air cuimhneachd cudromach – 1956 ann an Ungaire. ‘Se cuimhneachd cudromach dhomsa cuideachd. Bha m’athair an sàs ann.

A-rèir riaghaltas na h-Ungaire, tha coimhearsnachd mhòr chudromach de daoine ungaireach ann an L.A. Seo co-thuiteamas inntinneach. Chunnaic mi an carragh do na h-ungairich seo aig Square Mindszenty fad ’sa bha mi a’ draibheadh tron bhaile a-raoir.

Dè tha “Talpra, Magyar” a’ ciallachadh? Leugh mu a dheidhinn an seo