Stailc ann no às, tha oidhche Oscair a’ tighinn

Oscars beaga
“Oscars” ri reic air Hollywood Boulevard

Tha an Los Angeles Times, prìomh phàipear-naidheachd a’ bhaile, ag aithris gum bi stailc nan sgrìobhaichean a’ tighinn gu crìoch, ’s docha DiLuain. Bha ceann-suidhe an Acadaimh a’ cumail a-mach an t-seachdain seo chaidh gum bi an oidhche mhòr a’ dol air adhart stailc ann no às. Thoisich Comann Sgrìobaichean Ameireaga an stailc an 5mh latha den t-Samhain.

24/7 air Hollywood Boulevard

Tha iad ag obair fad na h-uine a-nis, agus cùmaidh iad air gus an latha sonraichte. Thog mi an dealbh seo aig leth-uair an deidh meadhan-oidhche.

24/7 air Hollywood Boulevard

Cuirear am brat-ùrlar dearg anns a’ Ghailearaidh Mòr a dh’aithgearr. Chan eil fhios agam dè an t-ainm nas fhearr airson seo. ‘Se trannsa mòr luachmhor a th’ann. Togaidh mi tuilleadh dhealbhan dheth an ùine goirid.
An Gaileiridh Mòr aig an Taigh-cluiche Kodak


Cò an t-actair?

Chaidh mi gu Taigh-cluiche Kodak an-dè. Tha taigh-cluiche El Capitan mu chonneimh an Kodak air Hollywood Boulevard. Chunnaic mi gun robh prìomh-thaisbeanadh film ann an-sin. ‘Sann aig Disney a tha El Capitan. ‘Se fior thaigh-cluiche a bh’ann o thùs, anns na 1920an. Thog me an dealbh seo. Uaireigin, chluich an actair seo role gu math ainmeil, còmhla ri an riaghladair California, Arnold Schwarzenegger. An aithne dhuibh an t-actair no am film?

Cleasaiche a' sgriobhadh autograph