Craobh Chaorainn

’S ann gu tric a chi thu craobh-chaorainn an Los Angeles. ‘S ann air feadh na leth-chruinne mu thuath a gheibhear an gnè mhòr de chraobh seo (an gnè air a bheil Sorbus). Tha seòrsaichean dùthchasach ann an California mar Shorbus americana, ach chan eil mi cinnteach ma ’s e iad seo na seòrsaichean a gheibh thu fad sraidean a’ bhaile, oir tha seòrsaichean bhon Roinn Eòrpa air a chur fàs an seo cuideachd.

Sìde nan seachd sian

Bha eagal orm nach biodh California a Deas a’ dol a dh’fhaotainn uisge gu leòr am bliadhna seo. ’S ann san t-seachdain seo chaidh, ge-tà, anns an do ràinig sìleadh ionadail gun ìre abhaisteach. Bha an t-uisge ann fad sia laithean. ’S e naidheachd sgrathail math a th’ann, oir tha tiormachd air a bhith ann fad deich bliadhna. Tha sinn anns an treasa bliadhna de thiormachd chruaidh air feadh na stàite, a rèir an riaghaltais.

Càite bheil an t-uisge?




Latha Sgòthach

Originally uploaded by AlasdairFitheach.

‘S e a’ chiad latha dhen Earrach a bh’ann o chionn ghoirid. A bheil sibh a’ smaoineachadh gum bi a’ ghrian ann an L.A. gu brath? Cha bhi. ‘S e latha gruamach sgòthach fuar a bh’ann an-sin. ‘S docha gun robh beagan uisge ann, an-siud ’s an-seo, ach cha robh uisge gu leòr ann gun teagamh.

Chan eil ach dà “ràith” ann an California a Deas: ràith thioram agus ràith fhliuch. Tha an ràith fhliuch a’ tighinn gu crìch a dh’aithghearr, ach cha robh i glè fhliuch idir. Bha i cho tioram am bliadhna seo gum bi cunnart theine ann fhathast.

Chan eil bliadhna nas tiorma riamh a rèir Seirbheis Nàiseanta na h-Aimsire. Bhon Iuchar 2006 cha do thuit ach 6.10 cm dhen uisge.

Agus an-diugh, tha teine mòr a’ losgadh ann am pàirc mhòr a’ bhaile fhèin…

L.A. Marathon




march07 150

Originally uploaded by Lord Jim.

Bha Marathon Mòr L.A. ann an-diugh. Tha e coltach gu bheil am balach beag seo coma co-dhiu. Cha robh mi ann, ach bha luchd-Flickr gu leòr ann. Tha e furasda a’ deanamh blog còmhla ri luchd-Flickr. Taing mhòr do Lord Jim.

Thàinig an aimsir theth air ais cuideachd. Chan eil sin dona, ach bha beagan aimsir fhuar spòrsail (uill, cha robh ach 8-10 C, ach ’sann fuar a tha sin ann an LA!) Bidh i 24 C a-maireach.

‘S urrain do dhaoine fhaotainn aithris làthail air an aimsir LA aig làrach-lìn filmeadair ainmeil David Lynch:

http://www.davidlynch.com/