Thà inig cairt-bhallrachd agam LACMA anns a’ phost an-dè. ‘Se taigh-tasgaidh mòr a th’ann, agus tha e air suidheachadh air Wilshire Boulevard ri toabh là raich ainmeil na Tar Pits LaBrea. Fhuair mi a’ bhallrachd fad ’s a bha taisbeanadh dealbhan le David Hockney ann. ‘Sann saor do bhuill tha ticeadan thaisbeanaidh, agus gheibh mi ticeadan nuair a thoisicheas taisbeanadh Magritte ann an ùine ghoirid. Tha tachartasan eile agus filmichean gu leòr ann cuideachd. Bi mòran ri dèanamh anns a’ bhliadhna ri tighinn.
Tasg-lannan nan roinn-seòrsa: Uncategorized
B’e 1964 an turas mu dheireadh
agus chan eil ach 3 sgiobanan eile a rinn e riamh. Rinn na Dodgers 4 home runs leanmhainneach a-raoir. Abair gaisgich! Bha na Dodgers a’ call trì turas, bha an geama co-ionnan trì turas, ach bhuannaich iad anns an 10mh inning.
O Hollywood do Ghaidhealtachd na h-Eirinn
Meal do naidheachd, a Mhartain…!
01 Sep 2006
Actor Martin Sheen has registered as an arts student at the National University of Ireland (NUI) Galway, taking classes in English Literature, Philosophy and Oceanography. Star of the acclaimed TV series ’The West Wing’, and of many memorable movies including Apocalypse Now and Badlands, Sheen will take a break from his illustrious acting career to immerse himself in campus life.
Martin Sheen is amongst the first of 15,000 students who will register over the coming weeks at NUI Galway. Around 1,500 international students travel to Ireland each year to study at the University, with almost half of those hailing from North America. The rich multi-cultural ambience on campus provides a dynamic backdrop to the student-centred and research-intensive university.
Ball-coise air clà r mòr mòr
60 t. an à rd, ’se deagh venue bhall-choise aig lùchairt-fhilm Grauman’s Egyptian Theater. ‘Se togalach ainmeil eachraidheil agus a’ chiad tarraing-luchd-turais Hollywood a th’ann an Egyptian.
Chaidh mi ’sa mhadainn seo a dh’fhaicinn am maidse cupa na cruinne eadar an Fhraing agus an Eilbheis. ‘Se triùr a bh’annainn nar suidhe anns a’ bhalconaidh mòr aig 0900 m. Mise agus an caraid agam Bill agus duine à Dùn Èideann – ’se Stuart an t’ainm a th’air – agus bha còignear luchd-taich Fraingeach nan suidhe shios. Bi ùidh ann am ball-coise aig mòran de dhaoine ann an LA, ach bha iad gun teagamh anns na taighean-seinnse air feadh a’ bhaile a tha fosgladh moch do luchd-leanmhainn.
Ball-stèidhe
Sgriobh mi seo sa Gearran (tha mi ro thrang na laithean seo) agus mar a tha an seasan ball-stèidhe a’ fosgladh a-maireach, tha mi a’ foillseachadh e an-diugh.
‘Se an Gearran mìos eachdraidh daoine dubha anns na Stà itean Aonaichte. Tha mi ag iarraidh innse dhuibh rudeigin mu dheidhinn Los Angeles agus eachdraidh nan Afraganach Ameireaganach. ‘Sann glè mhòr a tha an cuspair sin. ‘S fior thoil leam a bhith a coimhead ball-stèidhe, no beidhsball, agus mar sin tha mi a’ dol asgriobhadh mu dheidhinn fir gaisgeaich anns a’ gheama sonraichte Ameireaganach.
‘Se Jackie Robinson (John Roosevelt Robinson) cluicheadair ball-stèidhe, no beidhsball, a bh’ann. ‘Sann glè ainmeil a bha e cuideachd. Chluich e ball-steidhe glè mhath, ach tha cuimhne againn air o chionn air a bhith esan a’ chiad cluicheadair dubh anns na prìomh lìgean dreuchdail anns na Stà itean Aonaichte anns an ficheadamh linn.
Rugadh Robinson anns a’ bhliadhna 1919, agus thogadh e anns am Pasadena, faisg air Los Angeles. Bha e na oileanach aig UCLA (Oilthigh California ann an Los Angeles), far an do chluich e ball-stèidhe is ball-coise ameireaganach is basketball. Bha e na shaideair an deidh sin. Nuair a dh’fhà g e an arm, bha e na chluicheadair a-rithist.
Bha na Dodgers sgioba dreuchdail, ainmeil fad leth-ceud bliadhna. Bhuidhne na Dodgers aig Brooklyn, anns a’ bhaile New York. Dh’iarr am manaidsear aca a bhith a chleachdadh cluicheadairean dubha, ach, aig an à m sin, bha na Stà itean Aonaiche loma-là n cinneadh-chlaoidhteach. Bha apartheid ann. Ach cha robh lagh air a shon, cha robh ach à bhaist ann an ball-stèidhe. Dh’iarr am manaidsear nan Dodgers an à bhaist atharrachadh. Chuir e fios do Robinson gu dìomhair. Dh’aontaich Robinson (air/ris?) an iomairt. Cha robh e toilichte leis a’ chinneadh-chlaoidhteach Ameireaganach. Bhiodh sin cothrom cudromach ag atharrachadh an t-saoghal.
‘Se L.A. aireamh a h-aon ann an ball-coise aimearaganach
Tha dà sgiopa bhall-coise an Los Angeles, an Galaxy agus Chivas USA (bho Chivas, sgioba ainmeil à Mexico). Chan eil ach aon lìog, an MLS no Major League Soccer. Seo an naidheach mu dheidhinn a’ bhuaidh Ghalaxy.
Na tuathan gaoithe againne
Tha tuathan gaoithe air a bhith ann an California a Deas faisg air Palm Springs fad trichead bliadhna.
Seo dealbh dhen aon rud bho fhà nas:
http://earthobservatory.nasa.gov/Newsroom/NewImages/images.php3?img_id=16966
Blog sgoinneil mu LA
http://la.curbed.com/
Aig a’ phump
Tha a’ phrìs peadroil a’ dol sìos gu luath. Thuit i fo USD 2.50/galan Disathairne (GBP 1.44) mu dheireadh thall. ‘Se sin a’ phrìs as lugha a chunnaic mi ged-ta. ‘Sann aig BP/Arco a bha i. Phà igh mi seachd dollars air fhichead (còig notichean deich) an t-amar agam a lìonadh a bhon-dè co-dhiu.
Buaidh mhòr an t-sluaigh
Cha do rinn chùis Schwarzenegger idir, agus thug muinntir Los Angeles bhota airgead a thogail airson ath-leasachaidh nan sgoiltean.