An t-Abstol do Chalifornia: Beannaichte Junipero Serra, OFM

Rugadh e ann am Majorca ann an 1713. Chaidh e a-steach do dh’Ã’rdugh nam Bràithrean Beaga, na Frainseasaich, aig 17 bliadhna dh’aois ann an 1730. Bha inntinn mhath aige, oir fhuair e an cathair feallsanachd Duns Scotus ann an Oilthigh Palma de Mallorca ann an 1744. Ràinig e An Spàinn Nuadh ann an 1749. ’S ann bho Chalifornia a Tuath gu Panama a shìn an tìreachas Spàinnteach aig an àm sin, agus bha Baile Mheagsago na phrìomh bhaile. Cha robh mòran daoine Eòrpach anns na ceàrnaidhean mu thuath an tìreachais, ach bha a liuthad nàisean dùthchasach ann.

’S ann mar ollamh a thòisich Serra ann an Spàinn Nuadh, ach thionndaidh e a bhith na mhiseanaraidh o chionn ghreis. Chaidh e ag obair a-measg na Xi’úi ann an roinn gu tuath air Baile Mheagsago. Dh’ionnsaich e cànan nan Xi’úi agus dh’eadartheangaich e an leabhar-cheist Caitligeach dha.

Anns na laithean sin, bha an tagradh Spàinnteach air California caran cugallach. Dh’fheumadh iad tìreachas dèanamh dheth ro dhèanadh na cumhachdan Eòrpach eile an aon rud. Agus dh’iarr na Frainseasaich a dhèanamh Crìosdaidhean den daoine dùthchasach. Chaidh Fray Junipero do Chalifornia. Mar a b’abhaist, shiubhail e air a chasan fhèin a-mhàin. Stèidhich e naoi miseanan eadar San Diego de Alcalá agus San Francisco de Asís ro bhàsaich e ann an 1784. Thug na Spàinntich air na daoine dùthchasach a’ dol a-steach dhan na miseanan airson an dòigh-beatha Eòrpach a dh’ionnsachadh. Ma ghabh neach ris an iompachadh, cha robh e ceadaichte falbh gu brath. Bha saighdearan Spàinnteach ann còmhla ris na Frainseasaich.

Chaidh Fray Junipero Serra air ainmeachadh beannaichte leis a’ Phàp Iain Pòl II ann an 1988. ’S e “abstol do Chalifornia” a th’ann am Frainseasach mar sin, ach tha sin gu math conspaideach leis an sgrìos a rinn am polasaidh tìreachail Spàinnteach air na h-Ameireaganach Tùsanach. ’S ann an an Carmel a tha an uaigh aige, anns a’ mhisean a stèidhich e fhèin ann an 1770.

Ainmean-àite ann an California a Deas

’S ann à trì cànanan a tha na h-ainmean-àite Los Angeles a’ tighinn. ’S iad a’ Bheurla agus an Spàintis agus an Tongva.

’S e an Tongva cànan nan daoine dùthchasach Los Angeles. Fhuair i bàs ro dheireadh an 19mh linn, gu mi-fhortanach, ach chithear tòrr ainmean-àite fhathast a tha a’ toirt fianais don mhuinntir sin. Tha feadhainn dhiubh, Malibu mar eiseimplir, gu math ainmeil. Tha bealach Cahuenga a’ leigeil còmhdhail a-muigh bho Hollywood. ’S e Topanga Canyon aon de na h-àitichean nas brèagha san sgìre. Agus tha topar naomh ann fhathast aig àite air a bheil Kuruvungna. Chan eil e cho ainmeil, ach tha e fo churam muinntir Tongva a-rithist, mar shamhla gum bi an treubh bheag beò fhathast.

Thàinig an Spàintis do Chalifornia anns an 18mh linn leis na Frainseasaich. Anns a’ chiad dol a-mach, chuir iad 21 miseanan air chois. Ann an Los Angeles, ’s e San Gabriel (1771) agus San Fernando (1795) na h-ainmean-àite as iomraitiche. ’S ann anns an linn na miseanan, anns a’ bhliadhna 1781, a ràinig na 44 luchd-tìreachas “saoghalta” bho Mheagsago, agus chuir iad ainm mòr, fada air a’ bhaile bheag, ùr aca: Pueblo de la Reina de los Angeles de la Porciuncula – ’s mar sin, chan e “cathair nan ainglean” a th’ann an LA, ach “cathair Ban-rìgh nan ainglean.”

’S ann eadar 1784 agus 1850 a bha linn nan Ranchos. Cha robh mòran daoine a’ fuireach ann an California a Deas idir, ach bha mòran crodh ann! Bha rancho a’ ciallachadh seòrsa de dh’àirigh o thùs. Chuir na uachdaran mòra ainmean air an tìr a tha maireannach fhathast: Rancho Ballona, Rancho La Brea, Rancho Los Feliz, Rancho San Pedro, msaa.

Chithear ainmean na h-uachdaran agus daoine uasal cuideachd. Tha Beinn Verdugo os cionn cathair Burbank, agus bhuineas Burbank agus Glendale do José María Verdugo aig aon àm. Tha an t-sràid Pico a’ ruith bho mheadhan Los Angeles thairis gun mhuir. Bha Pío de Jesus Pico na riaghltair Meagsagach deireannach ann an Alta California, ’s esan a’ fuireach ann an Los Angeles.

A bharrachd air ainmearan sònrachaidh, tha buaidh an Spàintis air briathrachas tìr-eòlas na sgìre. Chithear gu tric na faclan rancho agus canyon (cañon) air feadh California. ’S ann gu math cumanta cuideachd a tha “loma” a tha a’ ciallachadh “cnoc”: Alta Loma, Mira Loma, Loma Linda. Agus chan eil rud sam bith cho Californiach ri San is Santa, “naomh”, sna h-ainmean ainmeil San Francisco agus Santa Barbara, San Diego agus Santa Monica.

Rìgh nan Speuran

’S e eun-creiche a th’ann an red-tailed hawk, agus ’s e an t-eun-creiche mòr as soirbhaichaile ann an California a Deas. Ged a tha iolairean maola agus iolairean buidhe ann anns na beanntan agus anns na h-eileanan faisg air Los Angeles, chan fhaic thu anns a’ bhaile-mhòr fhèin iad. Chì thu an red-tailed hawk, no Buteo jamaicensis, air feadh a’ bhaile, ge-tà. B’abhaist dhaibh beathaichean beaga na macharach ithe, coltach ri luchan no coineanaich, ach anns a’ bhaile-mhòr, ’s e radain agus calmanan-creige am biadh a tha iad a’ gabhail as trice.

B. jamaicensis ag itealaich ann an sgìre Los Feliz

Air a phostadh ann an nadar

Cànanan

Bidh iomadh bùth ann an LA a' cleachdadh na Spà inntis ri taobh na Beurla

Chithear agus cluinnear iomadh cànan ann an Los Angeles. Ged nach eil cànan oifigeil aig na Stàitean Aonaichte no aig California, tha California a Deas gu math dà-chànanach anns a’ bheatha lathail, leis a’ Spàinntis na cànan co-ionnan ris a’ Bheurla.

Sanas fiosrachaidh ann an trèan Metrorail (comhdhail poblach LA). Bidh na cà nanan bho Asia gu math cumanta anns a' bhaile.

Luibh-eòlas: a’ Bharbrag

Seo dealbh de bharbraig a thog mi o chionn ghoirid. Sgrìobh Ruairidh MacIlleathain mun bharbraig ann an Litir do Luch-ionnsachaidh 551. ‘S i Berberis nevinii a th’ innte (agus Mahonia nevinii), no Nevin’s Barberry. Chan eil fhios ’am fhathast cò Nevin. Ge be preas dùthchasach a th’ ann ann an California a Deas, chan fhaicear a’ bharbrag seo gu tric, ’s i tearc agus air liosta de phlanndrais ann an cunnart. Chan ann ach 500 air fhàgail, a rèir luchd-saidheans. Chunnaic mi an tè seo ann an ionad-àraich lusan Theodore Payne, far am bi iad a’ cur fàs air iomadh seòrsa de lusan dùthchasach.

Air a phostadh ann an nadar

Alba ann an LA

Tha tòrr ainmean Albannach ann an LA. Bho àm gu àm cuiridh mi eiseimpleirean dhiubh an-seo.

sràid ghoirid fàisg air a' phàirc mhòir Griffith

srà id ghoirid fà isg air a' phà irc mhòir Griffith

Aig Oilthigh Caltech

Chaidh mi a dh’èisteachd òraid inntinneach aig an oilthigh Caltech o chionn ghoirid. Bha an t-Ollamh Harvey Newman, sàr-neach-fiosaige, a’ bruidhinn mu dheidhinn an Hadron Collider Mòr ann an Geneva. Cha tuig mi mòran de na bha e ag ràdh, ach bha e soilleir gum bi iad a’ bualadh protoin ri chèile aig ìre de chumhachd mhòr mhòr. Mar sin ‘s urrainn dhaibh mìrean fo-atamach glè bheag is ainneamh a dh’fhaicinn. Bho àm gu àm, co-dhiu. Tha iad ag iarraidh bun an tomad a th’aig a h-uile rud a thuigsinn. Bha an t-Ollamh Newman a’ toirt seachad tòrr fiosrachadh mun chollider fhèin is mun t-saidheans is mu na teòraidhean air na tha iad a’ sgrùdadh. Bha luchd-èisteachd a’ lìonadh an ionad-èisteachd mòr agus dh’fhosgail iad am balconaidh air ar son. Bha mi fhìn agus mo charaid Bill nar suidhe ann am balconaidh le deagh shealladh an t-ollaimh agus na sleamhnain mhòra aige.

Craobh Chaorainn

’S ann gu tric a chi thu craobh-chaorainn an Los Angeles. ‘S ann air feadh na leth-chruinne mu thuath a gheibhear an gnè mhòr de chraobh seo (an gnè air a bheil Sorbus). Tha seòrsaichean dùthchasach ann an California mar Shorbus americana, ach chan eil mi cinnteach ma ’s e iad seo na seòrsaichean a gheibh thu fad sraidean a’ bhaile, oir tha seòrsaichean bhon Roinn Eòrpa air a chur fàs an seo cuideachd.